Luchd-film Òg

Chunnaic sinn filmichean an luchd-film òg a’ gabhail ceum mòr – a thaobh àireamhan is ìre – an-uiridh agus tha sinn airson ‘s gun lean seo airson iomadh bliadhna ri thighinn.

Tha duaisean fa leth againn airson Film Fòn-làimhe as Fheàrr is am Filmeadair Òg as Fheàrr – ach an-uiridh, ‘s e filmeadair òg a bhuannaich duais Film as Fheàrr agus £1,000. Chan eil adhbhar nach b’urrainn dhutsa an aon rud a dhèanamh! Faic a’ chomhairle aig Lachlan Peel, a ghlèidh duais na h-oidhche an-uiridh, an seo:

COMHAIRLE LACHLAINN!

Ma tha thusa òg is ealanta, fosglaidh FilmG saoghal ùr de chothroman is dh’fhaodadh tu fhèin a bhith cho soirbheachail ri Lachlan. Dìreach dèan film, fo chòig mionaidean a dh’fhaid.

Gabh sùil air na duaisean, na riaghailtean, is na h-iarrtasan teicnigeach againn mus cuir thu a-steach.