Film Aithriseach as Fheàrr

Bha mòran a bharrachd fhilmichean aithriseach ann an ùiridh agus bha iad aig ìre gu math nas àirde cuideachd. T

ha sinn an dòchas gun lean seo airson greiseag fhathast. ‘S e sgil sònraichte a th’ ann a bhith a’ cur fhilmichean aithriseach ri chèile is mar sin tha sinn ag iarraidh seo a chomharrachadh le duais sònraichte de £500 airson am Film Aithriseach as Fheàrr.

Bu chòir dhuibh filmichean a dhèanamh a tha a’ buntainn ris na rudan anns a bheil ùidh agaibhse. Ged a dh’fheumas iad a bhith ann an Gàidhlig, chan fheum iad idir a bhith mu dheidhinn na Gàidhlig. Tha iomadh cuspair ann a bhiodh inntinneach – an àrainneachd, cur-seachad, rud eachdraidheil, no cuideigin sònraichte.

Mura h-eil ùidh air thalamh agad film aithriseach a dhèanamh, chan eagal dhut - tha gu leòr dhuaisean eile againn son filmichean dràma is comadaidh!