Mu FhilmG Òigridh

Tha FilmG air an t-uabhas de thàlant a thoirt am bàrr thar nam bliadhnaichean bho chaidh a chur air bhog ann an 2008 le tòrr fharpaisich òga a’ leantainn orra gu obraichean sna meadhanan. Tha a’ cho-fharpais a-nis fosgailte gu àrd-sgoiltean, luchd film ag obair leotha fhèin, agus bun-sgoiltean.

ÀRD-SGOILTEAN

Bidh sinn a’ cur air dòigh bùithtean-obrach a mhaireas fad dà latha do chlasaichean Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean air feadh na dùthcha. Gheibh sgoilearan taic le filmeadh, cleasachd, is gearradh bho sgioba de phroifeiseantaich. Cluinnear barrachd mu bhùithtean-obrach FilmG an seo.

LUCHD-FILM ÒG

Is toigh leinn a bhith a' faicinn daoine òga a tha aig aois àrd-sgoile a’ gabhail smachd air na filmichean aca fhèin, ach mas e ‘s gu bheil thu ag obair air film is feumach air beagan comhairle, cuir fios thugainn.

BUN-SGOILTEAN

Cha bhi sinn a’ tabhainn bhùithtean-obrach do bhun-sgoiltean, ach tha sinn an còmhnaidh deònach taic is comhairle a chumail ribh. Mholamaid do bhun-sgoil sam bith a tha a' smaoineachadh air film a dhèanamh feuchainn ri taic fhaighinn bho mhuinntir na sgìre, bhon chomhairle no bho bhuidheann ionadail eile.

 

Gabh sùil air liosta àibheiseach nan duaisean!

Film as Fheàrr

Tha an duais seo airson am film as fheàrr airson clann fo aois 12. Tha sinn a’ coimhead airson film – de sheòrsa sam bith – a tha air a chur ri chèile gu cruthachail, le sgeulachd ùr a bheir tlachd agus toileachas don luchd-coimhid.

Duais: TBC

Riatanasan:

  • Fosgailte do bhun-sgoiltean, buidhnean òigridh agus filmeadairean neo-eisimileach fo aois 12.

  • Feumaidh filmichean a bhith air an stiùireadh le clann; faodaidh inbhich a bhith a’ cuideachadh.

Riochdachadh as Fheàrr

Tha cuid de dh’fhilmichean ann a tha gu sònraichte tarraingeach a thaobh èideadh is suidheachadh, agus tha tòrr obrach ann dha na buidhnean seo mus tòisich iad air clàradh. Tha sinn airson daoine fhaicinn a’ cur na tha mun cuairt orra gu feum gus coltas grinn a chur air am film. Cumaidh sinn sùil gheur air leithid: solas, suidheachadh, maise-gnùis, èideadh, agus props

Duais: TBC

Riatanasan:

  • Fosgailte do bhun-sgoiltean, bhuidhnean òigrid agus filmeadairean neo-eisimileaach fo aois 12.

  • Feumaidh filmichean a bhith air an stiùireadh le clann; faodaidh inbhich a bhith a’ cuideachadh.

Duais Ghàidhlig nam Fileantach

Tha an duais seo airson am film as fheàrr san roinn 12-17 le filmeadair no buidhean far a bheil còrr air leth a’ bruidhinn na Gàidhlig gu fileanta. Tha sinn a’ coimhead airson film – de sheòrsa sam bith – a tha air a chur ri chèile gu cruthachail, le sgeulachd ùr a bheir tlachd agus toileachas do dhaoine. Tha Gàidhlig aig cridhe FilmG agus tha sinn airson moladh a dhèanamh air an fheadhainn a tha a’ dèanamh oidhirp, a’ sealltainn tuigse, agus a tha siùbhlach nan cuid labhairt.

Duais: TBC

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh san àrd-sgoil agus filmeadairean neo-eisimileach eadar aois 12-17.

  • Ma tha nas lugha na leth fileanta, feumaidh iad feuchainn air an duais airson luchd-ionnsachaidh.

Duais Ghàidhlig an Luchd-Ionnsachaidh

Tha an duais seo airson am film as fheàrr san roinn 12-17 le filmeadair no buidheann far a bheil nas lugha na leth a’ bruidhinn na Gàidhlig gu fileanta. Tha sinn a’ coimhead airson film – de sheòrsa sam bith – a tha air a chur ri chèile gu cruthachail, le sgeulachd ùr a bheir tlachd agus toileachas do dhaoine. Tha Gàidhlig aig cridhe FilmG agus tha sinn airson luchd-ionnsachaidh a tha a’ dèanamh deagh oidhirp na sgilean cànain aca a thoirt air adhart, agus a tha a’ sealltainn tuigse, a mholadh.

Duais: TBC

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh san àrd-sgoil, buidhnean òigridh agus filmeadairean neo-eisimileach eadar aois 12-17.

  • Feumaidh Gàidhlig a bhith air a bruidhinn san fhilm.

  • Ma tha còrr is leth den chlann a tha a' nochdadh anns an fhilm fileanta, feumaidh iad a bhith air am measadh mar fhileantaich.

Cluiche as Fheàrr

Tha sinn an-còmhnaidh a’ feuchainn ri tàlant ùr a’ lorg air beulaibh a’ chamara agus tha sinn airson cleasachd shònraichte a chomharrachadh. Thèid an duais sa chun an neach as fheàrr a lìbhrigeas a’ phàirt aca, ann am film de sheòrsa sam bith.

Duais: TBC

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh sam bith eadar 12-17.

  • Feumaidh Gàidhlig a bhith air a bruidhinn san film.

Riochdachadh as Fheàrr

Tha cuid a dh’fhilmichean ann a tha gu sònraichte tarraingeach a thaobh èideadh is suidheachadh, agus tha tòrr obrach ann dha na buidhnean seo mus tòisich iad air clàradh. Tha sinn airson daoine fhaicinn na tha mun cuairt orra a chur gu feum gus coltas grinn a chur air an fhilm. Cumaidh sinn sùil gheur air leithid: solas, suidheachadh, maise-gnùis, èideadh, agus props.

Duais: TBC

Riatanasan:

  • Fosgailte do bhuidhnean àrd-sgoile, buidhnean òigridh agus filmeadairean bho aois 12-17

  • Feumaidh filmichean a bhith air an stiùireadh le clann eadar aois 12-17; faodaidh inbhich a bhith cuideachadh.

Meanbh Film as Fheàrr

(Buannaiche gu bhith air fhoillseachadh air na meadhanan sòisealta) Tha FilmG a’ lorg an ath-ghinealach de dhaoine a nì susbaint air leth. Tha sinn airson am film goirid as fheàrr fo 60 diog fhaicinn. Ge bi ma ’s ann airson TikTok, Reels no dìreach YouTube a tha e, tha sinn airson na h-oidhirpean agaibh fhaicinn.

Duais: TBC

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntigridh bho aois 12-17

  • Feumaidh na filmichean a bhith fo mionaid de dh’fhaid.

  • Chan fhaod thu susbaint dhaoine eile a chleachdadh san fhilm (ceòl, dealbhan mar sin air adhart)

Filmeadair Òg as Fheàrr

Tha sinn a’ coimhead airson film a chaidh a dhèanamh às aonais taic no trèanadh, a bheir tlachd don luchd-amharc. 

Duais: TBC

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-film eadar aois 12-17 a-mhàin

  • Cha bu chòir do luchd-inntrigidh a bhith air taic fhaighinn bhon sgoil, no tro bhùth-obrach, airson an fhilm seo.

Film Aithriseach as Fheàrr

Tha sinn a’ sireadh film aithriseach a tha air a dheagh rannsachadh agus air a dheagh chur ri chèile, le sgriobt agus agallamhan làidir, a tha a’ taisbeanadh sgeulachd inntinneach dhan luchd-amhairc.

Duais: TBC

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh san àrd-sgoil, buidhnean òigridh agus filmeadairean neo-eisimileach eadar aois 12-17.

  • Feumaidh filmichean a bhith air an stiùireadh leis an neach-film òg; faodaidh inbhich a bhith cuideachadh.

Duais Roghainn an t-Sluaigh

Tha fèill mhòr air Duais Roghainn an t-Sluaigh agus ‘s iad an fheadhainn a gheibh an àireamh as àirde de bhòtaichean a ghlèidheas an duais.

Duais: TBC

Riatanasan:

  • Tha cothrom aig GACH FILM sa cho-fharpais air an duais seo