Duaisean FilmG Inbhich

Tha duaisean fìor mhath am pailteas againn ann an roinn Fhosgailte FilmG - faic gu h-ìosal. Feumar an cleachdadh airson uidheamachd air choreigin a cheannach, a dhol a dh'ionnsaigh treanadh, no pròiseact filmidh eile.

Ma tha thu fhèin no an sgioba agad soirbheachail agus gum buannaich sibh thèid iarraidh oirbh rudeigin a thaghadh agus pàighidh sgioba FilmG air a shon. Feumar gach duais a cheannach san dùthaich seo. Thèid duaisean nas lugha a thabhainn de bhileagan Amazon.

Film as Fheàrr

Tha sinn a’ sireadh filmichean de ghnè sam bith a tha ùr-ghnàthach, tarraingeach agus a bheir tlachd don luchd-amharc. Tha sgeulachd làidir aig cridhe a’ chùis, is bidh sinn a’ coimhead air sin agus mar a tha am film air fad a’ tighinn ri chèile. 

Duais: TBC

Riatanasan

  • Fosgailte do luchd-film a tha ag obair air an ceann fhèin

  • Fosgailte do bhuidhnean coimhearsnachd agus oileanaich

  • Fosgailte don a h-uile duine eile cho fad 's nach eil iad air teisteanas craolaidh fhaighinn mar riochdaire no mar stiùiriche

Film Dùthchais as Fheàrr

Dè th’ann an dùthchas, co-dhiù? Dualchas, cultar, an tìr, nàdar, fiadh-bheatha, an àrainneachd…. Tha an ceangal eadar an cànan ‘s an àrainneachd tric cho soilleir ri fhaicinn sna h-ainmean-àite againn, ann an ainmean bheathaichean, eòin is flùraichean. Chan ann a-mhàin an sin ge-tà, ach am measg chroitearan is iasgairean a tha cho eòlach air na h-àiteachan dham buin iad, agus a tha a’ glèidheadh an cuid dualchais. Tha sinn a’ lorg fhilmichean aithriseach a tha a’ toirt sealladh ùr dhuinn air a’ cheangal eadar daoine agus na sgìrean aca.

Duais: TBC

Riatanasan

  • Fosgailte do bhuidhnean coimhearsnachd agus oileanaich.

  • Fosgailte cuideachd do luchd-film a tha ag obair air an ceann fhèin cho fad ‘s nach eil iad air teisteanas craolaidh fhaighinn mar riochdaire no mar stiùiriche.

Cluiche as Fheàrr

Tha sinn an-còmhnaidh a’ feuchainn ri tàlant ùr a’ lorg air beulaibh a’ chamara agus tha sinn airson cleasachd shònraichte a chomharrachadh. Thèid an duais sa chun an neach as fheàrr a lìbhrigeas am pàirt, ann am film de sheòrsa sam bith.

Duais: TBC

Riatanasan

  • Fosgailte do na cleasaichean is an luchd-lìbhrigidh air fad, ach thèid prìomhachas do iadsan aig nach eil teisteanas craolaidh mar cleasaiche.

  • Feumaidh pàirt le Gàidhlig a bhith aig an cleasaiche

Stiùiriche as Fheàrr

“Thòisich gach beachd math mar dhroch bheachd, ’s e sin an adhbhar ’s gu bheil e a’ toirt cho fada thighinn gu bith.” – Steven Spielberg. ’S iad stiùirichean a bhios a’ dhèanamh nan co-dhùnaidhean. Tha sinn airson stiùireadh dhàna a chomharrachadh. ’S dòcha nach e seo am film as fheàrr ach tha e gu dearbh cruthachail agus tha sinn a’ faicinn comas. Fhad ‘s a tha sinn a’ taghadh a’ bhuannaiche, bidh sinn a’ coimhead air a h-uile càil a tha a’ tighinn fo smachd an stiùiriche – cleasachd, no cho comhfhurtail ‘s a tha agallamhan dhaoine, dealbhadaireachd, riochdachadh, agus mar a tha a h-uile càil air fhighe còmhla.

Duais: TBC

Riatanasan

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh san roinn fosgailte

  • Cha tèid stiùirichean le teisteanas-craolaidh mar riochdaire no stiùiriche a mheasadh airson an duais seo.

Meanbh Film as Fheàrr

Tha FilmG a’ lorg an ath-ghinealach de dhaoine a nì susbaint. Tha sinn airson am film goirid as fheàrr fo 60 diog fhaichinn. ‘S dòcha gu bheil e freagarrach airson TikTok, Reels no dìreach YouTube, tha sinn airson na h-oidhirpean agaibh fhaicinn.

Duais: TBC

Riatanasan

  • Fosgailte do luchd-inntigridh aois 18+

  • Feumaidh na filmichean a bhi fo mionaid de dh’fhàid.

  • Chan fhaod thu susbaint dhaoine eile a chleachdadh san film (ceòl, dealbhan mar sin air adhart)

Film Oileanach as Fheàrr

Tha sinn a’ lorg fhilmichean a chaidh an dèanamh le oileanach, no le buidheann de dh’ oileanaich, agus a tha ùr-ghnàthach, so-chreidsinneach agus air a dheagh riochdachadh. Tha sgeulachd làidir, deagh lìbhrigeadh agus cleachdadh na Gàidhlig nam bunaitean, anns a h-uile seòrsa film.

Duais: TBC

Riatanasan

  • Feumaidh luchd-tagraidh a bhith nan oileanaich clàraichte eadar 2021/22

  • Faodaidh luchd-tagraidh a bhith air cùrsa sam bith aig àrd-ìre, làn ùine no pàirt ùine

Filmeadair Ùr as Fheàrr

’S dòcha nach d’fhuair sibh an cothrom film a dhèanamh fhathast ach seo agaibh an cothrom! Thèid an duais seo gu filmeadair a tha a’ sealltainn comas mar fhilmeadair ùr san fharpais.

Duais: TBC

Riatanasan

  • Bu chòir gur e seo a’ chiad turas aig luchd-inntrigidh feuchainn air an fharpais mar stiùiriche/filmeadair (tha e ceart gu leòr ma bha thu an-sàs ann an doighean eile (cleasaichean/sgioba))

  • Bu chòir cuideachd gur e seo a’ chiad turas aig luchd-inntrigidh feuchainn air an fharpais (mar inbheach)

  • Chan eil oileanaich air cùrsa na meadhanan no film ceadaichte airson an duais seo

Film as Fheàrr bho Stiùiriche sa Ghnìomhachas

Tha fios againn gu bheil tàlant cruthachail am pailteas sa ghnìomhachas, ach nach eil cothrom an-còmhnaidh aig daoine a tha trang ag obair air prògraman TBh is rèidio na sgilean aca fhèin a leasachadh. Tha sinn air an duais seo a thoirt a-steach gus cothrom a thoirt do dhaoine na beachdan aca a thaisbeanadh, le taic bho fheadhainn le barrachd eòlais. Fhad ‘s a tha sinn a’ taghadh a’ bhuannaiche, bidh sinn a’ coimhead air a h-uile càil a tha a’ tighinn fo smachd an stiùiriche – cleasachd, no cho comhfhurtail ‘s a tha agallamhan dhaoine, dealbhadaireachd, riochdachadh, agus mar a tha a h-uile càil air fhighe còmhla.

Duais: TBC

Riatanasan

  • Fosgailte dhaibhsan aig a bheil teisteanas sam bith ann am film no TBh

Duais Roghainn an t-Sluaigh

Tha fèill mhòr air Duais Roghainn an t-Sluaigh agus ‘s iad an fheadhainn a gheibh an àireamh as àirde de bhòtaichean a ghlèidheas an duais.

Duais: TBC

Riatanasan

  • Tha cothrom aig GACH FILM sa cho-fharpais air an duais seo