Stiùiriche Ùr as Fheàrr

Ma tha thusa dìreach air tòiseachadh air filmichean a dhèanamh, dh’fhaodadh seo a bhith na chothrom air leth eòlas a chur air cò ris a tha e coltach a bhith ag obair sna meadhanan.

Gheibh ge bìth cò bhuannaicheas teansa a dhol a dh’obair còmhla ri sgioba riochdachaidh proifeiseanta sa Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan fad seachdain. Tha buanaichean bho bhliadhnaichean a dh’fhalbh air a dhol gu MacTV, agus fhuair aon tè dhiubh an cothrom fuireach an sin fad an t-samhraidh.

‘S e dòigh sgoinneil a th’ ann tachairt ri daoine agus ionnsachadh mu dhiofar obraichean. Ma tha Gàidhlig agad, is ùidh agad sna meadhanan, tha an roinn seo air a dhealbh dhutsa!

Cuir fòn thugainn air 01471888500 ma tha ceistean agad mun duais sa!