Naidheachdan

'S e buannaiche na duais seo…

Tha FilmG air an Òigridh agus na h-Inbhich a shoirbhich aig duaisean nam filmichean goirid Gàidhlig am-bliadhna fhoillseachadh. 

Bha cuirm mhòr nan duaisean ann Dihaoine aig Old Fruitmarket ann an Glaschu.  

Thèid a' chuirm a chraoladh air BBC ALBA Didòmhnaich airson deich bliadhna de FilmG a chomharrachadh.  

Chaidh an duais airson Dràma As Fheàrr – a choisinn £1000 – a bhuileachadh air ‘Mar a Thachair do Dh’fhear a Sguir a Dhol Dhan Eaglais’. B' e stiùiriche an fhilm, Iain Murchadh MacAmhlaigh à Leòdhas, a ghlèidh an duais airson Stiùiriche As Fheàrr bhon Ghnìomhachas. 

Ghlèidh Leòdhasach eile, Danielle NicLeòid, a tha na h-oileanach aig Sgoil Ealain Ghlaschu, dà dhuais airson a film Bho Chlach gu Clach: Film Dualchais As Fheàrr agus Stiùiriche Ùr As Fheàrr. Gheibh Danielle greis-obrach, air a maoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, cuide ri companaidh riochdachaidh air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan an lùib na duais airson Stiùiriche Ùr As Fheàrr. 

Bhuannaich Lana Pheutan, às an Eilean Sgitheanach agus a tha na h-oileanach aig Oilthigh Napier Dhùn Èideann, dà dhuais is i a' nochdadh air trì geàrr-liostaichean, agus i a' gleidheadh Cluiche As Fheàrr agus Film As Fheàrr le Oileanach airson a film drùidhteach ‘Còig Puing a Trì', a tha ag innse mu na dùbhlanan ro bhoireannach tar-ghnèitheach. Bhuannaich Lana duais Roghainn an t-Sluaigh cuideachd, 's e sin duais air am bi am mòr-shluagh a' bhòtadh air làrach-lìn FilmG. 

Airson a' chiad turais a-riamh, chaidh an duais òigridh airson Film As Fheàrr a bhuileachadh air stiùiriche òg neo-eisimeileach, nach robh an sàs ann am bùithtean-obrach FilmG no le iomairtean taic san sgoil. Bhuannaich Lachlan Peel à Dùn Èideann agus am film èibhinn aige, ‘Eòghan Beag: Latha Mòr’.  

Ghlèidh na bràithrean, Eòin agus Anndra Cuimeanach às an Leathad, duaisean ann an dà roinn fa leth. Bhuannaich Eòin an duais òigridh airson Film Fòn-làimh As Fheàrr mar a rinn e an-uiridh, agus e a' leantainn air le cuspair mun a' bhlàr a-muigh le film mu kayaking. Ghlèidh a bhràthair nas òige, Anndra, an duais Aithris Spòrs As Fheàrr agus choisinn e fhèin cothrom a dhol air cùl nan camarathan aig craoladh spòrs beò le BBC ALBA le taic na companaidh riochdachaidh Nemeton.   

Bha rionnagan gu leòr ann air an oidhche, agus Greg McHugh, no Gary Tank Commander mar as fheàrr a dh'fhaighnichear e, nam measg, cuide ri Aisha Touissant à River City agus Raven, agus Grant O'Rourke a tha na cleasaiche ann an Outlander. 

Thuirt Greg McHugh: 

“Tha oidhche sgoinneil air a bhith agam aig duaisean FilmG, fhuair mi cothrom a choimhead air filmichean air leth math, agus cuid a bha uabhasach èibhinn ann an roinn na h-òigridh gu h-àraid, agus 's e urram mòr a bh' ann dhomh gun d' fhuair mi cothrom duais a thoirt seachad cuide ri gaisgeach mòr na Gàidhlig, Donaidh Dotaman! Bu mhath leam soirbheas a ghuidhe orra agus iarraidh orra gun cùm iad orra a' dèanamh fhilmichean sa Ghàidhlig.” 

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Chom-pàirtichean aig MG ALBA:  

“Bha e na thoileachas mòr, agus sinn uile air bhioran air an oidhche, a bhith a' comharrachadh tàlant na h-òigridh a chunnaic sinn am-bliadhna aig Duaisean FilmG. Bha e na shamhla air a' mhisneachd a tha sinn a' faicinn a-nis am measg luchd-film òg na Gàidhlig gun do ghlèidh neach-film neo-eisimeileach duais Film As Fheàrr ann an roinn na h-òigridh airson a' chiad turais. Tha sin fhèin, agus ìre àrd roinnean nan inbheach is na h-òigridh, a' sealltainn na tha FilmG a' cur ri brosnachadh cruthachaidh anns na meadhanan Gàidhlig. Tha sinn a' comharrachadh deich bliadhna de sgeulachdan iongantach agus faodaidh sinn a bhith cinnteach anns na bliadhnaichean a tha romhainn gu bheil adhbharan dòchais dha-rìribh ann an gnìomhachas film na Gàidhlig.” 



FilmG