Naidheachdan

Geàrr-liosta Co-fharpais FilmG Air Fhoillseachadh

Tha film anns a bheil rap Gàidhlig air àite fhaighinn air geàrr-liosta co-fharpais nam filmichean goirid Gàidhlig, FilmG 2021, am-bliadhna.

Tha am film, Brochan Lom, a th’ air a sgrìobhadh is a riochdachadh le Gàidheal à Glaschu, ‘Hammy Sgìth’, air ainmeachadh thar iomadh roinn sa cho-fharpais fhosgailte agus Film As Fheàrr, Cluiche As Fheàrr is Stiùiriche Ùr As Fheàrr nam measg.

Tha Hammy (24) a’ gabhail an òrain ainmeil sin agus a’ cur car dheth le àbhachdas is e a’ cur a bheum fhèin agus taobh Gàidheil Ghlaschu an lùib chùisean an latha an-diugh. Thuirt Hammy: “Tha mi daonnan a’ smaoineachadh air rudan èibhinn a chanas mi agus tha faclan an òrain seo stèidhichte air na chunnaic mi bho latha gu latha bhon t-samhradh. Tha e nas fhasa dhomh na tha mi a’ faireachdainn a chur an cèill sa Ghàidhlig agus tha i gu math freagarrach airson rapadh a chionn ’s gu bheil comhardadh nan rannan an crochadh air na fuaimreagan. Mar sin, tha e furasta comhardadh a dhèanamh eadar na loidhnichean.

Tha eachdraidh bàrdachd na Gàidhlig beairteach agus tha e na bhuannachd dhomh gu bheil mòran de na faclan is seann abairtean freagarrach dhuinn uile agus ag innse uiread mu dheidhinn beatha. ’S toigh leam a bhith a’ snìomh rannan leis an t-snàithlean phrìseil eachdraidheil seo. ”Chan e seo ach aon de na filmichean air leth a rinn luchd-film, sgoiltean is buidhnean coimhearsnachd tàlantach às iomadh ceàrn de dh’Alba agus a tha air àite fhaighinn air geàrr-liostaichean Co-fharpais Film Goirid FilmG 2021.

Tha luchd-film nan geàrr-liostaichean thairis air na 17 roinnean air an ainmeachadh a-nis agus faodar a h-uile film air na liostaichean a choimhead air làrach-lìn FilmG. Chaidh 104 filmichean a chur dhan cho-fharpais am-bliadhna agus measgachadh de sgeulachdan is cùisean an latha an-diugh rim faicinn annta. Bha e na dhùbhlan do na britheamhan cuid fhàgail às airson na liostaichean a thaghadh.

Chùm cuid de na filmichean gu dlùth ri cuspair na bliadhna, ‘Èirich/Rise’, agus stèidhich cuid na filmichean aca air a’ ghlasadh sluaigh agus na sgeulachdan a dh’èirich às a sin dhuinn uile.

Bha Karen Elder, bho sgioba naidheachdan BBC ALBA An Là, air aon de na britheamhan: “Bha bliadhna dhùbhlanach ro mhòran againn am-bliadhna air sàillibh lèir-sgaoileadh a’ Choròna-bhìorais, mar sin, bha ‘Èirich’ uabhasach freagarrach mar chuspair na bliadhna.

“Fhreagair a h-uile film ris an dùbhlan a bha romhpa agus sheall iad dhuinn measgachadh farsaing de sheallaidhean air na bha an glasadh a’ ciallachadh dhaibhsan agus na bha a’ toirt buaidh orra. Bha na filmichean aig ìre gu math àrd agus bha e na thoileachas dhomh a bhith a’ coimhead orra.”

Bha e soilleir bhon mheasgachadh de dh’fhilmichean san roinn Fhosgailte gun do dh’èirich an dà chuid brosnachadh is ealan às a’ bhliadhna dhùbhlanaich ann an 2020.

Anns an fhilm Èirich le Dan Shay à Glaschu, chì sinn sgeul cruthachail ann an dubh is geal aig an aon àm is a chluinneas sinn ceòl lom, cumhachdach leis a’ chòmhlan, Whyte. Chaidh Dan ainmeachadh san roinn Film As Fheàrr am-bliadhna.

Chaidh Calum MacIllEathain, a tha a’ fuireach an Obar Pheallaidh, ainmeachadh san roinn Fhosgailte cuideachd leis an fhilm ghoirid, Am Bruadar, a bha làn chleasan sònraichte – a’ sealltainn dhuinn ciamar a b’ urrainn do rudeigin cho sìmplidh ris a’ ghàrradh againn am mac-meanmna a lasadh tron ghlasadh is sinn a’ faicinn na tha mun cuairt oirnn ann an dòigh ùr.

Bha oileanaich aig Sabhal Mòr Ostaig am measg na choisinn àite airson Film Oileanach As Fheàrr, agus Katie Hammond à Siorrachd Lannraig a Tuath nam measg le Èirich a tha gar toirt leatha air turas bàrdail làn dòchais is brosnachaidh a dh’aindeoin an linn doirbh anns a bheil sinn.

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn a’ riochdachadh nan Eileanan Siar air an liosta Film Dùthchais As Fhèarr. Tha Sgìre le Spiorad a’ taisbeanadh spiorad na coimhearsnachd ann an ceann a tuath Eilean Leòdhais ri linn lèir-sgaoileadh a’ Choròna-bhìorais.

Chaidh Eòghan Stiùbhart, a tha a’ fuireach ann an Inbhir Nis, ainmeachadh san roinn Film Fòn-làimh As Fheàrr. Tha Eòghan a’ cluich dà charactar eadar-dhealaichte anns an fhilm,  Am Fear ’s a Chòta Dhubh, a tha ag innse sgeul mu strainnsear ris nach robh am prìomh charactar an dùil coinneachadh. ’S e dràma dubh is geal àlainn a th’ ann stèidhichte ann an sgìre dhùthchail.

  

Chaidh Jack Weir à Dùn Èideann ainmeachadh san roinn Cleasaiche As Fheàrr airson an dràma, Ath-ghnàthachadh, a tha a’ toirt sùil air nithean ris nach robh dùil an dèidh strainnsear mas fhìor a chuideachadh.

Tha Bròn le oileanach aig Oilthigh Napier Dhùn Èideann, John Nicholson, air ainmeachadh san roinn Sgriobt As Fheàrr.  Chruthaich John agus a bhuidheann dràma anns a bheil baga iasgaich luachmhor a bhuineadh ri athair duine air tighinn gu cladach le seòl na mara agus am film a’ sealltainn dhuinn carson agus ciamar a thachair seo.

 

Ann an Roinn na h-Òigridh, bha uiread is ìre nam filmichean nan adhbhar brosnachaidh do na britheamhan.

Tha am film, Na Cèicean Blasta, le Bun-sgoil Craighill ann am Baile Dhubhthaich, air nochdadh air dà liosta ghoirid. Tha am film seo, a tha stèidhichte sa bhlàr a-muigh agus ann an taigh-cùirt, ag innse sgeul cèicean Granaidh a chaidh a ghoid. Chaidh ainmeachadh sna roinnean Buidheann Òigridh As Fheàrr agus Film As Fheàrr.

Anns an roinn Duais Ghàidhlig FilmG do dh’Fhileantaich, tha Sgoil Choimhearsnachd Bhàgh a’ Chaisteil ann am Barraigh air The Great British Bake off a dhèanamh às ùr ann am Barraigh a’ Bhèicearachd. Chaidh cleasaichean bhon fhilm ainmeachadh san roinn Cleasaiche As Fheàrr.

Tha am film, The Leanne Fund, le Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, a tha a’ nochdadh air an liosta Film Aithriseach As Fheàrr, ag innse mar a tha carthannas ionadail a’ cuideachadh dhaoine òga air a bheil cystic fibrosis.

Tha a h-uile film air na geàrr-liostaichean rim faicinn air làrach-lìn FilmG, far an urrainn dhut bhòtadh san roinn Roghainn an t-Sluaigh gu Dihaoine 5 Gearran. 

’S e FilmG a’ cho-fharpais film goirid Gàidhlig a th’ air a mhaoineachadh le MG ALBA agus air a liubhairt le Cànan Graphics Studio anns an Eilean Sgitheanach.



FilmG