Naidheachdan

Eilidh orra dòigh aig a Mhòd Nàiseanta!

Eilidh air a dòigh aig a' Mhòd Nàiseanta!

Tha Eilidh Rankin bho sgioba FilmG air a dòigh glan ‘s i aig a’ Mhòd Nàiseanta sa Ghearasdan a’ brosnachadh òigridh gus pàirt a ghabhail ann am farpais FilmG na bliadhna-sa.

Airson a chiad turas sna deich bliadhna tha FilmG air a bhith a’ ruith, tha duais sònraichte ann airson buidhnean òigridh do dh’ aois sam bith, ’s chan ann idir dìreach do dheugairean. Thuirt Eilidh:
 

“Ged a tha FilmG fhathast ag amas gu mòr air deugairean tha e soilleir gu bheil feum air rudeigin do chlann nam bun-sgoiltean cuideachd. Gach bliadhna bidh mise tighinn chun a' Mhòid agus tha clann nam bun-sgoiltean air bhioran film a’ dhèanamh iad fhèin agus a-nis tha sinne a toirt an cothrom dhaibh leis an duais ùr son buidhnean òigridh.”

Faodaidh clas sgoile no buidhnean as dèidh na sgoile film a’ dhèanamh. Feumaidh e a bhith ann a Gàidhlig agus suas gu còig mionaidean a dh’ fhaid. Tha an ceann-là air an 8 Dùbhlachd 2017.

 

  



FilmG