Naidheachdan

Duaisean FilmG

’S e snàmhadair fiadhaich agus fear a tha dèidheil air a’ bhlàr a-muigh uile gu lèir a tha air an duais mhòr a chosnadh dha fhèin aig FilmG 2021, le film a tha a’ coimhead air mar a thug an glasadh buaidh air. ’S e Calum MacIllEathain (32), dealbhadair agus preseantair TBh a tha a’ coimhead air an t-suidheachadh annasach anns a bheil e ri linn glasadh Covid-19, agus a’ sealltainn cho duilich ’s a tha e air a bhith dha a bhith glaiste a-staigh fad na h-ùine anns an fhilm Am Bruadair. Tha e a’ sealltainn am filmeadair a’ seacadh gus turas mòr, inntinneach a ghabhail mun chuairt a ghàrraidh gus sealltainn mar a tha an t-saoghal aige fhèin a’ faireachdainn fada nas lugha nan àbhaist, le bacaidhean siubhail ga mhùchadh.

Thuirt Calum: “Cha robh mi an dùil ris, agus tha mi air mo dhòigh an duais a thogail – chuir mi seachad ùine cho fada ag obair air an fhilm gun do dh’fhàs mi seachd searbh dheth airson greis!

“Rinn mi clàradh dhìom fhèin air beulaibh sgrìn uaine, agus an uair sin, fhuair mi criomagan bho mun chuairt a’ ghàrraidh, agus cha do dh’obraich gu leòr dheth. Ach mu dheireadh thall, thàinig a h-uile càil ri chèile agus bha coltas ceart gu leòr air, is faodaidh mi a choimhead a-nise!

“Tha mi a’ smaointinn gu bheil duaisean FilmG sgoinneil, gu h-àraidh am-bliadhna, nuair a tha sinn air a bhith glaiste am broinn an taighe, tha e air a bhith cudromach a bhith cruthachail. Tha e na thlachd dhomh a bhith a’ faicinn an uiread de dhaoine òga a’ cruthachadh fhilmichean cuideachd. Chan eil fhios dè nì iad san àm ri teachd an dèidh an spionnadh sin a lasadh.

“Tha e cuideachd math a bhith a’ faicinn dhaoine òga a’ cleachdadh na Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, airson rudeigin cruthachail a dhèanamh. Saoilidh mi gu bheil sin cudromach.”

Chaidh buannaichean nan duaisean ainmeachadh air prògram TBh a chaidh a chlàradh gu sònraichte, le gaisgich BBC ALBA agus FilmG Fiona NicChoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach ga thoirt thugainn.

Fhuair co-fharpais na bliadhna-sa 104 tagraidhean – barrachd na bliadhna sam bith eile – thar 17 diofar roinnean (eadar òigridh agus inbhich), le 41 dhiubh a’ faighinn àite air a’ gheàrr-liosta.

’S e film òigridh a’ dèanamh gàirdeachas air prògraman na maidne aig BBC Radio nan Gàidheal a thog duais Roghainn an t-Sluaigh. Tha Thairis na Maidne le Jonathan MacDonald agus Lachlann MacLeod a’ sealltainn an dithis bhalach a’ cur orra gur e craoladairean rèidio – agus bodaich aois a’ pheinnsein - a th’ annta, is iad a’ toirt na naidheachdan ionadail seachad à Stafainn san Eilean Sgitheanach.

Tha am film-sa, air a dhèanamh le cleasaichean òga à ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, air trì diofar dhuaisean a thogail, a’ sealltainn gum b’ e a b’ fheàrr an dà chuid leis na britheamhan agus a’ phoball. Ach, mar a chuala sinn anns a’ phrògram, b’ fheàrr leis a’ chleasaiche òg Lachlann a bhith na chroitear, seach a bhith air an sgrìn tuilleadh!

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn air Film Dùthchais as Fheàrr a ghlèidheadh a-rithist am-bliadhna. Fhad ’s a bha film an-uiridh a’ coimhead air atharrachadh na gnàth-shìde, tha oidhirp na bliadhna-sa, Sgìre le Spiorad, a’ coimhead air mar a chuidich bùth ionadail an coimhearsnachd a tharraing le chèile thairis air a’ ghlasadh.

Tha am film aca ag innse stòraidh Bùth Chrois, a thòisich biadh agus rudan bunaiteach eile a thoirt mun cuairt na sgìre do dhaoine anns a’ choimhearsnachd a bha so-leònte agus a bha gan cumail fhèin fa leth, agus rinn an oighreachd a tha fo shealbh na coimhearsnachd film goirid gus muinntir na bùtha agus an luchd-obrach a chomharrachadh.

Tha ceòl air leth ann cuideachd, le rapper Gàidhlig Hammy Sgìth à Glaschu a’ togail an duais airson an cluiche as fheàrr le tionndadh às ùr den duanag Ghàidhlig Brochan Lom – criomag de hip-hop na Gàidhlig, a’ togail air gach nì bho beachdan cùl a’ bheairt gu abairtean ùra Gàidhlig.

Bidh na duaisean rim faicinn air iPlayer a’ BhBC airson an ath 30 là, agus bidh iad rim faicinn air BBC ALBA a-rithist oidhche Luain aig 10.30f (22 Màirt).

 

CRÌOCH

’S iad seo na buannaichean:

Duais Roghainn an t-Sluaigh (fosgailte thairis air an dà chuid roinn nan Inbheach agus roinn na h-Òigridh) Thairis na Maidne le Jonathan MacDonald agus Lachlann MacLeod. Tionndadh air prògram naidheachdan na maidne air Radio nan Gàidheal (Aithris Na Maidne).

 

ROINN NAN INBHEACH

Film as Fheàrr Am Bruadar le Calum MacIlleathain. Sùil chruthachail air tursan agus cuairtean fad às tron ghlasadh.

 

Film Oileanach as Fheàrr Janni, Air Muir is Tir le Innes MacLeòid. Film mu Janni Diez (Oifigear na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig) agus a cuid gràdh don bhlàr a-muigh.

 

Film Dùthchais as Fheàrr Sgìre le Spiorad le Urras Oighreachd Ghabhsainn. Sùil air Bùth Chrois agus an obair a rinn iad tron ghlasadh gus biadh agus stuthan eile fhaighinn do dhaoine nas sine anns a’ choimhearsnachd. Bhuannaich a’ bhuidheann coimhearsnachd seo an dearbh dhuais an-uiridh.

 

Stiùiriche Ùr as Fheàrr John Nicholson airson Bròn. Dràma mu phoca iasgaich a’ tighinn air tràigh agus dithis bhràthair, is aonan dhiubh aig a bheil rùn dìomhair. 

 

Film Fòn-làimhe as Fheàrr Conntraigh le Tanca Aonghais. Sùil air an fhiadh-bheatha a bhios air an tràigh an dèidh dhan mhuir a thraoghadh. 

 

Cluiche as Fheàrr Brochan Lom le Hammy Sgìth. Ooh aah Slainte mhath! – ’s ann aige-san tha na sgilean rapaidh Gàidhlig!  

 

Sgriobt as Fheàrr Aiseirigh le Fiona J NicCoinnich. Measgachadh de bhàrdachd sean is ùr air muin seallaidhean de Chanaigh.

 

ROINN NA H-ÒIGRIDH

Film as Fheàrr le Buidheann Òigridh Na Cèicean Blasta, le Bun-sgoil Chnoc na Creige ann am Baile Dhubhthaich. Tha madadh a’ goid chèicichean nighean bheag a’ bhonaid dheirg. Tha cùis lagha ri thighinn air a shàilleibh, ach chan eil toraidhean na cùise cho dona ‘s a bha a’ mhadadh an dùil ris. 

 

Film as Fheàrr Na Cèicean Blasta, le Bun-sgoil Chnoc na Creige.

 

Riochdachadh as Fheàrr Claidheamh Cutach le Finlay MacDonald agus Silas Brown. Dithis shrainnsear a’ tighinn le chèile gus a’ chùis a dhèanamh air a’ bhan-rìgh olc.

 

Cluiche as Fheàrr Johnathan MacDonald ann an Thairis Na Maidne.

 

Duais Gàidhlig nam Fileantach Thairis Na Maidne. Jonathan MacDonald agus Lachlann MacLeod. 3 duaisean uile gu lèir airson an fhilm seo.

 

Duais Gàidhlig an Luchd-ionnsachaidh Sealladh Ùr le Sgoil Bhàgh a' Chaisteil. Tha tè òg a’ strì ri leughadh, ach tha an t-sealladh aice air thoirt am feabhas le taic caraid. 

 

Taghadh Eadar-Nàiseanta Aonaichte le Nuala MacDonald. Sùil air aonarachdas agus cumhachd càirdeas. 

 

Film Aithriseach as Fheàrr Bhon Làimh Chun a’ Bheòil le Eoin Cuimeanach. Film Aithriseach mu bhith a’ glacadh agus ag ithe do bhiadh fhèin.

 

Filmeadair Òg as Fheàrr Tadhal Air Taibhsean le Finlay Morrison. Sealg-taibhse ann an seann taigh. 



FilmG 2021