Naidheachdan

Tuairmse aig toiseach na seachdain!

Thèid FilmG a chur gu dol uair eile le Farpais Chuspair air Diluain 17 Ògmhios! Tha car san sgeul am-bliadhna ge-tà agus sinn gu bhith foillseachadh na bhideothan na bhideothan air CBBC ALBA. Tha na trì bhideothan a’ toirt diofar shealladh air cuspair na bliadhna agus tha sinn ag iarraidh air luchd-leantainn FilmG coimhead air na bhideothan agus na thogras iad de thuairmsean a chur thugainn air Instagram, Facebook air no Twitter.

Thig am farpais a dhùnadh air Diardaoin 20mh aig 5f.

Riaghailtean:

  1. Tha Farpais Chuspair FilmG air a ruith le Cànan Graphics Studio (a bhios a’ lìbhrigeadh farpais FilmG cuide ri MG ALBA).
  2. ’S e ‘Crosstour Action Camera’ a th’ againn mar dhuais agus thèid a chur dhan phost an t-seachdain às dèidh don bhuanaiche a bhith air a ghairm.
  3. Tha am farpais fosgailte bho Diluain 17 Ògmhios gu meadhan-oidhche air Diciadain 20 Ògmhios agus FEUMAIDH na tuairmsean a bhith sa Ghàidhlig.
  4. ’S e a’ chiad neach a chuireas thugainn tuairmse a gheibh an duais, cho fad ’s a leanas iad a’ chomhairle aig bonn an duilleig.
  5. Thèid am buanaiche a ghairm air Dihaoine 21 Ògmhios, agus thèid brath a chur thucasan ann an teachdaireachd phrìobhaideach cuideachd. Bidh aca ris an t-seòladh aca a chur thugainn, ach cuiridh sinn às dha nuair a chluinneas sinn gu bheil an duais air nochdadh.
  6. Bu chòir don bhuanaiche a bhith deònach nochdadh ann am pìos naidheachd mun duais.
  7. Bu chòir do luchd-inntrigidh a bhith co-dhiù 13.
  8. Tha luchd-inntrigidh làn dì-beathte barrachd is aon thuairmse a chur thugainn.
  9. Ma thèid tuairmse a mheas mì-fhreagrach le sgioba FilmG, thèid a thoirt far an duilleig.

‘S ann mar seo a bu chòir do luchd-inntrigidh cur a-steach a-rèir dè tha iad a’ cleachdadh:

  • Facebook – bu chòir dha luchd-inntrigidh am bhideo a sgaoileadh le ‘share’, agus ‘like’ no a leithid a thoirt don bhideo, agus an tuairmse aca fhàgail mar theachdaireachd fon bhideo fhèin.
  • Instagram – bu chòir dha luchd inntrigidh ‘like’ a thoirt don bhideo agus teachdaireachd fhàgail fodha leis an tuairmse aca
  • Twitter – bu chòir dha luchd-inntrigidh am bhideo a sgaoileadh le retweet, agus an tuairmse aca