Naidheachdan

Spòrs san Eadailt do Nigheanan Loch Abar

Tha Flòraidh Stevenson agus Faye NicFhionghain bho Àrd-sgoil Loch Abar dìreach air tilleadh às An Eadailt far an robh iad a’ gabhail pàirt ann am Fèis Film Eadar-Nàiseanta CIAK JUNIOR.

Bha na sgoilearan nam pàirt den sgioba a ghlèidh an duais airson am Film as Fheàrr aig cuirm FilmG sa Ghearran le “Origami” agus bha iad mar riochdairean na h-Alba aig an Fhèis seo ann an Jesolo, faisg air Venice.

Bha sgioba FilmG, tidsear na Gàidhlig san sgoil, agus oide FilmG, Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain uile fortanach gu leòr a dhol ann còmhla ris na h-igheanan.

Fhuair na caileagan an cothrom am film aca a thaisbeanadh gu luchd-amharc à mòran àiteachan eile agus tachairt ri luchd-film òg eile bho iomadh dùthaich, nam measg an Eadailt fhèin, A’ Bheilg, Sìona, agus Israel. Chan e a-mhàin sin, ach fhuair iad an cothrom bhòtadh airson na filmichean a b’ fheàrr a chòrd riuthasan cuideachd!

Ged nach do ghlèidh am film duais, bha e na chothrom sònraichte àite eile fhaicinn, tachairt ri caraidean ùra, agus farsaingeachd de dh’ fhilmichean fhaicinn.

Bha sinn cho moiteil às na h-igheanan agus à Club Film Àrd-sgoil Loch Abar! Chì sibh Origami an seo.