Naidheachdan

FilmG : 10 Bliadhna

Tha sinn cho toilichte a bhith a’ comharrachadh deich bliadhna den cho-fharpais. Rinn Mairead-Sìne Mason aithris an-diugh (5 Sultain), agus i fhèin an sàs sa chiad fharpais agus na modal anns a' phostair àlainn ann an 2009, air a slighe fhèin eadar FilmG agus am BBC, ann an agallamh dhealbhan àraid ro thachartas sònraichte air Diardaoin.

Tha Mairead-Sìne air an dreuchd a bu mhiann leatha fhaighinn bhon uair sin mar neach-rannsachaidh aig BBC Alba. Fhuaireadh còrr is 600 film goirid Gàidhlig bhon a thòisich FilmG agus tha mòran daoine òga mar Mairead-Sìne air a dhol air adhart agus iad soirbheachail nan cuid shlighean-obrach ann an craoladh.

Tha e na adhbhar toileachais dhuinne a bhith a’ comharrachadh deich bliadhna aig tachartas mar seo, is Manaidsear a’ Phròiseact, Flòraidh, ag ràdh:

“Tha sinn uabhasach moiteil a bhith a' taisbeanadh obair-ealain nam postairean anns an d' fhuair sinn fhèin leithid a thoileachas anns na deich bliadhna a chaidh seachad. Tha e a’ còrdadh leinn gu mòr a bhith ag obair air FilmG agus a' faicinn tàlant a leithid Mairead-Sìne a' nochdadh. Tha cothrom an lùib FilmG do dhaoine òga na beachdan cruthachail aca a thoirt gu buil sa Ghàidhlig agus iad ag ionnsachadh sgilean iomchaidh is prataigeach aig an aon àm. Bidh an tachartas seo a' comharrachadh clach-mhìle chudromach airson FilmG agus tha sinn an dòchas gun toir e air barrachd dhaoine òga pàirt a gabhail ann.”

Thuirt Mairead-Sìne:

“Bhon a rinn mi film airson FilmG tha mi air obair air leth fhaighinn anns na meadhanan agus tha mi ag obair dhan BhBC ann an Glaschu a-nis. Tha e na thoileachas a bhith a' coimhead air ais leis an dealbh seo agus tha mi moiteil às na rinn mi.”

Nach tig sibh chun an Tramway ann an Glaschu air Diardaoin a thoirt sùil air ais air postairean bho bhliadhnaichean a dh’fhalbh agus a chluinntinn mu duais ùr na bliadhna, Stiùiriche As Fheàrr Sa Ghnìomhachas. Faigh tiocaid saor-an-asgaidh an seo!