Naidheachdan

A' gairm dhaoine òga cruthachail!

Tha na làithean-saora air tòiseachadh son a’ chuid mhòr air feadh na dùthcha agus mar sin tha Farpais Dealbh-Beò an t-Samhraidh fosgailte aon uair eile - cothrom air leth do dh'òigridh!

Tha sinn ag iarraidh oirbhse a tha sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil feuchainn air dealbh-beò thar na seachdainean a tha romhaibh agus tha duaisean sgoinneil rim buannachadh:

  • Clas 1 – 3 : £30 ri chosg aig Smyth’s
  • Clas 4 – 7 : £50 ri chosg aig Amazon
  • Àrd-sgoil : £80 ri chosg aig Amazon

Faodaidh na dealbhan beò a bhith cho goirid ri leth mhionaid, no cho fada ’s a thogras sibh! Bu chòir guthan Gàidhlig a bhith sna filmichean agus bu chòir dhuibh fhèin an ceòl a chlàradh no fhaighinn air-loidhne, copyright free. Tha e taghta ma gheibh sibh cuideachadh bho inbhich, ach tha sinn ag iarraidh gur e na beachdan agaibh fhèin a tha sna dealbhan-beò agaibh.

Feumaidh sibh an cur thugainn ro Dihaoine 30 Lùnastal, tron làrach-lìn no a' cleachdadh post-d no WeTransfer gu .(JavaScript must be enabled to view this email address). Faodaidh sibh fòn a chur thugainn air 01471888505 cuideachd ma tha ceistean sam bith agaibh!



FilmG