Naidheachdan

RIONNAG EARRA GHÀIDHEAL A’ FOILLSEACHADH PRÒGRAM BÙTH-OBRACH FILMG SAN ÒBAN

Dh’fhoillsich rionnag BBC Alba a bhuineas do dh’Earra Ghàidheal, an craoladair, seinneadair is dannsair, Joy Dunlop, prògram nam bùithtean-obrach aig Àrd-sgoil an Òbain an-dè.

Bha Joy fìor thoilichte a bhith a’ tilleadh don t-seann sgoil aice fhèin airson ro-shealladh inntinneach a thaisbeanadh de leabhran didseatach ùr a bheir taic to sgoilearan aig foillseachadh Prògram Trèanaidh Àrd-sgoile FilmG.

‘S e “Treòraich” cuspair na bliadhna, a tha roghainneil, agus as urrainnear mìneachadh ann an iomadh dòigh eadar-dhealaichte.

Bha Joy, a bhuineas don Choingheal, na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach cuideachd. ‘S e tosgaire dealasach airson a’ chànain a th’ innte agus bidh i ag obair a-nis na seinneadair, na stiùiriche ciùil, na dannsair agus na preasantair telebhisein.

Bha na tàlantan aig Joy fìor fheumail am-bliadhna nuair a stiùirich i a’ chiad chòisir Ghàidhlig a-riamh a ghabh pàirt ann an Co-fharpais Chòisirean Eurovision ann an Göteborg san t-Suain agus a chaidh craoladh air BBC ALBA.

Tha Joy air a bhith a’ cumail taic ri FilmG o chionn fhada a-nis agus nochd i fhèin ann am film ann an 2011. Bidh i a’ brosnachadh an dà chuid luchd-ionnsachaidh is fileantaich airson cothroman a leithid FilmG a ghabhail.

Thuirt i: “’S e cothrom air leth a th’ ann am FilmG do dh’fhileantaich agus do luchd-ionnsachaidh, a leigeas leotha eòlas prataigeach fhaighinn anns na meadhanan – air an sgrìon fhèin no a’ sgrìobhadh sgriobtaichean, ag ionnsachadh sgilean camara is fuaim no ann an obair riochdachaidh. Tha na sgilean is an t-eòlas a gheibh iad fìor luachmhor agus tha mi fhèin a’ dèanamh fiughair mhòr am-bliadhna ri na filmichean fhaicinn a rinn an t-seann sgoil agam fhèin.”

Bha na sgoilearan air an dòigh is iad an sàs ann am bùth-obrach air sgilean air beulaibh camara cuide ri Joy agus ‘s e an deagh ionnsachadh a fhuair iad. Tha an sgoil air nochdadh air Geàrr-liosta FilmG roimhe agus iomadh sgoilear air àite a chosnadh air an liosta airson an cuid sgilean cleasachd agus tha iad an dòchas gun leig na sgilean ùra aca leotha cumail orra le an cuid soirbheachais.

‘S ann air teicneolas ùr a bha an dàrna seisean blasaid seo stèidhichte agus cothrom aig na sgoilearan VR bhon BhBC fheuchainn agus na goireasan leasain airson FilmG 2019-20 fhaicinn.

Tha a’ cho-fharpais a’ cleachdadh fìorachd leasaichte na cuid margaideachd is goireasan trèanaidh do dh’àrd-sgoiltean. Tha an teicneolas seo a’ leigeil le sgoilearan às a h-uile ceàrnaidh de dh’Alba leasan fhaighinn bho sgioba “mas fhìor” FilmG air fòn no air tablaid.

Cumaidh an leabhran leasain eadar-obrachail taic ri sgoilearan is tidsearan is iad ag ullachadh bheachdan-smuain, sgriobtaichean is bhòrd-sgeòil, mus dèan iad am film aca thar dà latha fo stiùireadh neach-film is cleasaiche proifeiseanta a chuireas sgioba FilmG air dòigh.

Thuirt Manaidsear Pròiseict FilmG, Eilidh NicFhraing: “Bha e fìor mhath an leabhran leasain againn a thaisbeanadh an-diugh anns an Òban agus an tàlant àibheiseach anns an sgìre seo a thaisbeanadh.

“Cheangail sinn AR leis an taic leasanan againn an-uiridh agus fhuair sinn na filmichean a b’ fheàrr a-riamh a thaobh stòiridh agus chunnaic sinn fìor dheagh mheasgachadh de chuspairean cuideachd.

“Tha sinn an dòchas gum faic sinn sin a-rithist ann an 2020 agus tha sinn an dùil gun adhbharaich rud ùr no dhà am measg nan duaisean oidhirpean a bharrachd ann an roinn na h-òigridh!”

Tha an duais Taghadh Eadar-nàiseanta FilmG na cothrom inntinneach do dh’àrd-sgoiltean a tha a’ gabhail pàirt anns na bùithtean-obrach. Thèid film bho na bùithtean-obrach a thaghadh airson Alba a riochdachadh aig Fèis Film Eadar-nàiseanta agus bidh cothrom aig grunn sgoilearan a dhol ann.

Mar as àbhaist, thathar ag iarraidh air daoine òga filmichean a dhèanamh leotha fhèin ma thogras iad agus tha duais ùr luach £500 ann airson Film Aithriseach As Fheàrr a tha fosgailte do luchd-film neo-eisimeileach cho math ri buidhnean sgoile.

Bha Murchadh MacSuain, Manaidsear Conaltraidh MG ALBA an làthair cuideachd is e fhèin a’ faicinn gu bheil cothroman do Ghàidheil òga anns na meadhanan a’ dol am meud. Thuirt e:

“Bidh FilmG a’ taisbeanadh tàlant òg Gàidhlig agus a’ brosnachadh cruthachadh sgeulachdan is fhilmichean, a tha nan sgilean riatanach airson dreuchd sna meadhanan. Chì sinn a h-uile bliadhna gu bheil barrachd dhaoine ag obair sna meadhanan a thòisich le FilmG. ‘S e sin dearbhadh air soirbheachas leantainneach a’ phròiseict.”

Tha a’ cho-fharpais fosgailte a-nis agus a’ dùnadh Dimàirt 10 An Dùbhlachd. 



FilmG