Cluiche as Fheàrr,
Film Dùthchais as Fheàrr
- FilmG open 2020
AN-DRÀSTA!
Urras Oighreachd Ghabhsainn
Chaidh An-Dràsta! fhiolmadh agus a ghearradh as t-samhradh 2019 le buidheann de dh’òigridh, a’ coimhead air cùis èiginneach chruinneil aig ìre ionadail agus mar a tha èiginn na gnàth-shìde a’ toirt buaidh air na h-Eileanan Siar. ’S e tagradh a th’ ann bho ar n-òigridh ar saoghal a dhìon agus a ghlèidheadh còmhla airson ar n-àm ri teachd.
Chaidh An-Dràsta! a dhèanamh mar phàirt den phroiseict ‘Community LED by Energy Champions’ aig Urras Oighreachd Ghabhsainn agus Urras Oighreachd Chàrlabhaigh, le taic bho mhaoin Climate Challenge, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean.