Tha Dòmhnall MacAsgaill air Seirbhis Ghàidhlig Inbhir Pheofhairean a chur air dòigh air a' chiad Shàbaid de gach mios o chionn fichead bliadhna. Tha e a' bruidhinn air na tha an lùib a bhith a' cumail an-àird an adhraidh Ghàidhlig agus a' choimhearsnachd a tha air fàs on t-seirbhis bheag shònraichte seo. Cluinnear Dòmhnall a' cur a-mach na loidhne air Sailm 34 is 73 cuideachd.