Seo sgeulachd mu dhithisnear chrost' a tha an còmhnaidh a’ faighinn trod bhon tidsear aca, a tha gu tur air a glacadh aig a’ chù aice Dotaidh. Tha iad air an cur dhan phreas airson a sgioblachadh mar peanasachadh airson briseadh muga le dealbh Dotaidh air. Tha ’d a' lorg seann leabhar agus nuair a thèid fhosgladh tha mèirleach a tha a’ siubhal na linntean a leum às. Tha esan a’ toirt a chasan leis air feadh na sgoile a’ goid treallaichean, nam measg dealbh Dotaidh ann a’ frèama. Tha an dithis a’ dol as a dhèidh ‘s an eagal orra gun tèid a’ char a chur orrasan airson na rudan a tha am mèirleach a’ dèanamh. Aig an deireadh, nuair a tha an tidsear aca a’ dol air tòir an ceannard airson dèiligeadh riutha tha iadsan a’ sabaid leis a’ mhèirlich agus tha’ d uile a’ tuiteam dhan leabhar, agus gan lorg fhèin ann an coille neònach eagallach.