Dlighe-sgrìobhaidh

Tha dlighe-sgrìobhaidh a’ cur dìon air seilbh inntinn dhaoine agus a’ leigeil leis an t-sealbhadair smachd a chumail air na beachdan agus an stuth aige fhèin. Feumaidh sinn a bhith faiceallach nach tèid còraichean a bhriseadh. A-nise gu bheil Cuirm Dhuaisean FilmG air an craoladh, tha gnothaichean ùra ri thoirt fa-near. Feuch gun leugh thu seo gu mionaideach mus cuir thu am film agad thugainn.

Na leig leis na riaghailtean do chur far a ghnothaich ge-tà, agus cuimhnich gum faod thu fònadh thugainn air 01471 888 505 no post-d a chur gu .(JavaScript must be enabled to view this email address) ma tha ceistean sam bith agad.

DAOINE A THA A' NOCHDADH SNA FILMICHEAN

Sa chiad dol a-mach, tha e riatanach gu bheil na cleasaichean agad no duine sam bith a tha nochdadh sa film agad toilichte nochdadh air an làrach-lìn, air na meadhanan-sòisealta, agus air BBC Alba mas e ‘s gun tèid am film ainmeachadh airson duais. Gheibh thu foirmichean cead aig bonn an duilleig.

CEÒL

Tha ceòl cho cudromach, agus cuiridh e ris an sgeulachd agad gu mòr. Leis gu bheil na duaisean a-nise air an craoladh, tha e cudromach gu bheil an ceòl freagarrach bho thaobh a’ BhBC a chleachdadh air a’ phrògram air BBC Alba cuideachd, chan ann a-mhàin air-loidhne. Ged a bhiodh tu cleachdadh ceòl bho làrach-lìn, ceòl a chuir thu fhèin no caraid ri chèile, no ceòl traidiseanta, tha riaghailtean ann.

TASGLANN CIÙIL

Tha an t-uabhas de làraich-lìn a’ tabhainn ceòl gun dhlighe-sgrìobhaidh, ach CHAN EIL seo a’ ciallachadh gun gabh am BBC ris. Bu chòir dhut ceòl a thaghadh bho chruinneachadh an MCPS (MCPS Production Music Library). Tha na làraich-lìn seo sgoinneil ged a dh'fhaodadh gum biodh cosgais ann airson a' cheòl. 

DO CHEÒL FHÈIN

Ma tha thusa, no cuideigin as aithne dhut a tha air cead a thoirt dhutsa, air ceòl a sgrìobhadh airson an fhilm, faodaidh tu na thogras thu a dhèanamh leis. Tha e fhathast riatanach gum faigh sinn cead bhon neach-sgrìobhaidh a chleachdadh ann an iomadh suidheachadh, nam measg craoladh a’ BhBC.

CEÒL TRAIDISEANTA NO BHO CHÒMHLAN A THA A' CÒRDADH RIUT

Le fuinn no òrain tradiseanta, ma chaochail an sgrìobhadair bho chionn 70 bliadhna bu chòir gum biodh e ceart gu leòr a chleachdadh.

Tha daoine tric ag iarraidh fonn no oràn bho chòmhlan a tha a’ còrdadh riutha a chleachdadh, agus tah cead aca bhon chòmhlan. Chan eil am BBC an còmhnaidh riaraichte le seo. 

Ma tha thusa airson seo a dhèanamh, nach cuir thu fios thugainn – .(JavaScript must be enabled to view this email address) agus seallaidh sinn feuch a bheil e "clearable".

DEALBHAN, SUAICHEANTASAN, AGUS CLÀRAIDHEAN TASGLAINN

Chan ann a-mhàin ri ceòl a tha riaghailtean dlighe-sgrìobhaidh a’ beantainn. Ma tha dealbhan a bhuineas do chuideigin eile sa film agad, feumaidh tu cead fhaighinn. Tha seo fìor airson bhideothan is clàraidhean bho thasglann agus suaicheantasan cuideachd.

Mar eisimpleir, cha bu chòir dhut a bhith “a’ sanasachd” companaidhean sam bith os cionn chàich. Tha seo a’ ciallachadh nach bu chòir “brand names” no suaicheantas a bhith air an sgrìon son ùine mhòr mura h-eil deagh adhbhar agad air a shon.

 

Forimichean cead:

Cead ciùil: