Mun Phròiseict

'S e farpais filmichean goirid MG ALBA a th' ann am FilmG a tha air a libhrigeadh le Cànan Graphics Studio, companaidh nam meadhanan-cruthachail san Eilean Sgitheanach. Chaidh FilmG a stèidheachadh ann an 2008 airson tàlant ùr a leasachadh dhan t-sianal Ghàidhlig aig BBC ALBA a chaidh a stèidheachadh san aon bhliadhna. Thairis air an ùine seo tha an fharpais air còrr math is 700 film goirid a chruthachadh agus gu leòr de dh'oigridh a thàladh dhan ghniomhachas airson am bith-beò a dhèanamh ann an craoladh Gàidhlig.

Bu mhath le sgioba FilmG taing a’ thoirt do gach buidheann is urrasachd a chuireas taic dhan an fharpais gach bliadhna.

Gu h-àraidh bu mhath leinn taing a thoirt do MG ALBA son an taic is cuideachadh a chuireas iad dhan fharpais, is cuideachd do Bòrd na Gàidhlig son an taic tillteach gus bùth-obraichean FilmG a chuir air bhog.

Sgioba FilmG aig CGS:

Eoghan MacIlleathain – Manaidsear Phròiseact & Manaidsear Tachartas
Eilidh Johnson – Oifigear Pròiseact
Steve MacCoinnich - Dealbhadair

Ma tha ùidh agad sa phròiseict agus ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu .(JavaScript must be enabled to view this email address) no fòn gu 01471 888 505/508 / 07522 457585