Taing

Bu mhath leinn taing a thoirt dhuibh uile airson ar cuid saothair, gu h-àraidh ann am bliadhna cho neo-àbhaisteach. Agus abair saothair – fhuair sinn an àireamh as motha a-riamh de dh'inntrigidhean airson FilmG13! 95 filmichean agus 9 sgrioptaichean. Tha sinn cho moiteil a bhith ag obair le coimhearsnachd FilmG, agus cho cruthachail ‘s a tha sibh. Tapadh leibh airson nam filmichean sgoinneal agaibh!

Bhòt!

Tha bhòtadh airson Duais Roghainn an t-Sluaigh fosgailte gu deireadh an Fhaoillich. Nach toir sibh sùil air na filmichean agus bhòt airson na feadhna as fheàrr leibh.

Chì sibh putan beaga buidhe dìreach fon bhideo. Brùth air. Thèid am fiolm a shoirbhicheas a ghairm air Prògram nan Duaisean air BBC ALBA sa Mhàrt.

Naidheachd

ÀIREAMH FILMICHEAN A’ DOL AM FEABHAS AIRSON FILMG

Fhuair FilmG, farpais nam filmichean Gàidhlig, an àireamh as motha a-riamh de dh’ìnntrigidhean am-bliadhna agus filmeadairean òga bho air feadh na dùthcha a’ cruthachadh obair  

barrachd...

FilmG 2016

Chan eil sinn ga dhèanamh airson cliù a chosnadh

Àrd-sgoil a' Phluic